seaboardgàidhlig

bilingual blog dà-chànanach

Laoidhean Nollaig sa Ghàidhlig – Christmas Carols in Gaelic

Ged nach b’ àbhaist  dhan mhuinntir den Ghàidhealtachd Chlèirich Nollaig a chomharrachadh mar a nì sinn an latha an-diugh, bha a dh’aindeoin sin an còmhnaidh laoidhean Nollaig ann, an fheadhainn as ainmeile ‘Tàladh Chriosda’ agus ‘Leanabh an Àigh’ .  Rè nam bliadhnaichean tha laoidhean Nollaig eile air an cur ri cheile, agus tha mòran laoidhean Beurla air an eadar-theangachadh cuideachd. Seo roghainn beag dhuibh, le ceanglaichean gu làraichean-lìn far an lorg sibh rannan eile agus uireannan an ceòl cuideachd.  Tha mòran eile ri fhaotainn anns an leabhar agus air na CDs ‘Duan Nollaig’ le F. J. Mackenzie*.
Tha mi an dòchas gun còrd e ribh a bhith gan seinn!

***

Although the people of the Presbyterian Highlands didn’t use to celebrate Christmas the way we do nowadays, there were always Gaelic carols around, the most famous being the Gaelic originals of The Christ Child’s Lullaby and Child in the Manger. In the course of time further carols were composed, or English ones translated. Here’s a selection, with links to websites with more carols and sometimes the sung music too. There are a lot more in the book and on the CDs ‘Duan Nollaig’ by F. J. Mackenzie*.
Hope you enjoy singing them!

  continue reading…

Cùil Lodair – Culloden

DSCN7536Ath-bheachd, an Lùnasdal 2015:

Am bliadhna bha mi ag obair sna làithean-saora mar neach-iùil do luchd-turais a ruigas port Inbhir Ghòrdain sa Ghàidhealtachd air na loidhnearan ana-mhòra a bhios a’ dèanamh chuairtean-mara timcheall air Breatainn no suas gu Nirribhidh. Gu tric chan eil ach aon latha a-mhàin aca gus a’ Ghàidhealtachd fhaicinn agus bi busaichean a’ feitheamh orra sa phort agus iad a’ dèanamh chuairtean eadar-dhealaichte tron sgìre: do chaistealan agus gàrraidhean, do thaighean-staile agus raointean-goilf, agus – tha fhios – do Loch Nis.  Ach chaidh na buidhnean agamsa, Gearmailtich gu ìre mhòr, do Chaisteal Chaladair agus Cùil Lodair.
Bha iad uile uabhasach measail air a’ chaisteal bhòidheach agus air na gàrraidhean brèagha timcheall air, ach rinn Cùil Lodair druidheadh sònraichte orra. Bha ùidh dhùrachdach aig mòran dhiubh anns an eachdraidh (air neo bhiodh iad air diofar seòrsa cuairt a thaghadh) agus chuir iad iomadh cèist chiallach. Gu tric bha dealbh den bhlàr aca, agus den eachdraidh Albannach aig an àm sin, gu math dubh-geal roimhe – Albannaich an aghaidh Shasannach, no Caitligich an aghaidh Phròstanach, agus bu mhòr an iognadh nuair a chuala iad gun robh Albannaich (agus Sasannaich, is Frangaich, is Èireannaich agus fiù ‘s Gearmailtich) air gach taobh. Gum b’ e seòrsa cogadh catharra a bh’ ann. Agus cha robh e soilleir idir dhaibh roimhe dè a’ bhuaidh chronail mhairsinneach a bheireadh e air dualchas is cùltar na Gàidhealtachd agus na h-Alba gu lèir.  Agus bha cuimhn’ agam an uair air a’ chiad turas a bha mi fhìn san ionad-tadhail ùr an sin, o chionn sia bliadhna.

Podcast: bho mu 23 mionaidean a-mach.

http://gng.acgamerica.org/2015/08/29/asa7/ 

 

**************************************************************************************************

An t-Samhainn 2009:

Anns an Lùnasdal sa chaidh bha mi a’ chiad thuras ann an Ionad-Tadhail ùr Chùil Lodair faisg air Inbhir Nis, barrachd air 260 bliadhna às dèidh a’ bhlàir fhèin 16 den Ghiblean 1746 – am blàr mu dheireadh air talamh Bhreatainn. Mar a thathar a’ ràdh air làrach-lìn an Ionaid: ‘Pàirt de chòmhstrì creideimh agus poileataigs nas motha san Roinn Eòrpa, dh’atharraich am blàr goirid ach fuilteach cùrsa eachdraidh’. Tha an Ionad a’ feuchainn sealladh dhuinn le meadhanan beothail ach fiosrachail carson a thachair am blàr agus na thachair dha na daoine an sas ann fad nan làithean cruaidh seo – nam bheachdsa glè shoirbheachail. continue reading…

Còco is Crùbagan – Cocoa and Crabs

“Thàinig Papaidh dhachagh aig beul na h-oidhche… Nochd e a-staigh mar oiteag làidir gaoithe, a’ sguabadh leis a-staigh èadhar fhuar a’ Chuain Sgìth… Bha e air a chòmhdach ann an dubh: oidhlsgin dhubh, souwester dubh agus Wellingtons fhada dhubh. Is ann a bha e coltach ri sgarbh a’ caitheamh dheth an t-sàil na loin mun cuairt air.”

Nam b’ e  ‘An Cuan a Tuath’ a bhiodh ann seach ‘An Cuan Siar’, chreideadh tu gum b’ e sealladh à Ros an Ear a bh’ ann, grunnan deicheadan air ais,  ach thàinig an earrann seo à Còco is Crùbagan – a Hebridean Childhood, le Flòraidh Nic Dhòmhnaill à Beinn na Fadhla, leabhar beag a tha mi a’ leughadh an-dràsta. Nam bheachd-sa, ge-tà, chòrdadh e cheart cho math ri duine sam bith le ùidh ann no cuimhne air seann dòigh-beatha iasgaich no tuathanach ann an gach sgìre eadar na h-Eileanan Siar agus an Linn Mhoireibh. continue reading…

Arcaibh  /  Orkney

Chuir mi ceithir làithean seachad ann an Arcaibh còmhla ri mo mhàthair  an samhradh seo, agus chòrd e rinn gu mòr. Cha robh sinn air a bhith ann airson 15 bliadhna co-dhiù, mar sin bha sinn ga fhaicinn le sùilean ùra a-rithist. Tha e ann an nàdar an duine a bhith toilichte nuair a chì e ann an àite eile rudan air a bheil e eòlach às a’ bhaile aige fhèin, agus gu dearbh chunnaic sinn corra shealladh a bha coltach ris na rudan a bhios no a bha sinn a’ faicinn ann am Machair Rois fhèin. Air an làimh eile ge-tà, tha taobhan gu tur eadar-dhealaichte ann. ‘S e am measgachadh sin a rinn ar làithean-saora ann an Arcaibh cho tlachdmhor. continue reading…

Fèis Rois

Fhuair mi DVD air leth an-dè ris an robh mi a’ feitheamh airson greis mhath agus tha mi dìreach  air a choimhead: Fichead ’s a h-aon – Fèis Rois, 21 years and counting.. ‘S e prògram aithiriseach ann an Gàidhlig agus Beurla a th’ann cho math ri cuirm chiùil a tha taisbeanadh tàlant na h-òigridh. Ged a tha Fèis Rois nan Inbheach ann a-nis, tha e gu sònraichte drùidhteach is brosnachail a bhith a’ faicinn na h-òigridh, a’ seinn, a’ cluich, a’ dannsa is a’ bruidhinn mun toileachas a tha e a’ toirt dhaibh dìreach a bhith ann. Fad seachdain na Fèise ann an Ulapul, tha iad a’ measgachadh le clann o air feadh Shiorrachd Rois leis an toil an aon seòrsa ciùil  ‘s iad cuideachd a’ faighinn oideachadh o luchd-ciùil ainmeil  a-leithid Fred Mhoireasdain, Phil Choineagain, Alison Kinnaird no Iain Bayne. Chaidh mòran phàrantan, luchd-ciùil agus ainmean ainmeil an ceasnachadh air an DVD‘s iad a’ toirt seachad am beachdan  air an Fhèis.

Thuirt Calum Dòmhnallach à Runrig (e fhèin a’ fuireach ann an Ros an Ear, agus  na bhall air Bòrd Fèis Rois), is e a’ bruidhinn mun chlann aige fhèin: ‘‘Nuair a thig iad air ais às- dèidh cuairt sgoile no bho spòrs, bi iad ag innse dhut mu dheidhinn sa chàr uair a thìde no dhà. Ach nuair a bha iad aig an Fhèis, bi iad ag innse nan sgeulachdan dhut airson seachdain co-dhiù.’’ Thèid ceanglaichean càirdeis a chruthachadh agus   a dh’ùrachadh a mhaireas fad bhliadhnaichean, aig Fèis an t-earraich, air na Cuairtean Cèilidh as t-samhradh agus fad n Fèis ‘Blas’ as t-fhoghar.  continue reading…

Dòigh-beatha san taigh-tasgaidh, no air an tràigh?

Chan eil fhios agam mas toil leibhse e, ach ’s toil leamsa gu mòr tadhal air taighean-tasgaidh eachdraidh ionadail, gu h-àraidh feadhainn ‘open-air’ le seann taighean agus togalaichean tuathanachais no iasgaich làn stuth bho àm ar sinn-seanairean.

Uill, bha mi a’ leughadh cruinneachdh bàrdachd ùr Gàidhlig (le taic eadar-theangachaidh gu Beurla leis na bàird fhèin) o chionn ghoirid, agus thachair mi air dàn uabhasach druidhteach le Màiri NicGumeraid, An Taigh-tasgaidh ’s an Leabhar*, a rinn mi smaoineachadh air dòigh eadar-dhealaichte mun chuspair seo. continue reading…

Seanfhaclan Gàidhlig – Gaelic Proverbs

A’ mhuir is an t-iasgach – the sea and fishing

Nuair a bha mi a’ sgrìobhadh am pìos beag mu Balla Chanongate, far an robh an dà sheanfhacal air an gràbhaladh, bha cuimhne agam gun do dheasaich mo bhràthair-màthar, Willie ’W. A’. Ross, is e fhèin à Bail’ a’ Chnuic, leabhar beag le cruinneachadh sheanfhaclan Gàidhlig: A Little Book of Gaelic Proverbs . Chan eil e an clò tuilleadh ach gheibhear e fhathast cleachdte, m.e. tro www.AbeBooks.co.uk.  Thàinig leabhar feumail eile a-mach san eadar-àm, A Collection Of Gaelic Proverbs And Familiar Phrases, deasaichte le Alexander Nicholson, agus tha cuid eile air an eadar-lìon, ma ghooglas sibh. continue reading…

This month we hear  about a chance to get your favourite Scottish quotation on the wall of the Scottish Parliament.

Balla a’ Chanongate

An robh sibh a-riamh ann an Dùn Èideann gus Pàrlamaid na h-Alba fhaicinn? Dh’fhaodadh gur toil leibh i, dh’fhaodadh nach toil (mar thogalach no mar stèicheachadh poileataigeach), ach tha aon rud cinnteach: ’s e structair a th’ ann a chuireas iongnadh air a h-uile duine a chì e a’ chiad uair. Nuair a bhios sibh a’ gabhal cuairt sìos a’ Mhìle Rìoghail am measg thaighean àrd stòlda a’ Chanongate agus mòrachd rùmail Holyrood, thig e oirbh gun fhiosta.

Agus falaichte cha mhòr eadar a h-uile iongnaidhean mòra, chì sibh fear beag brèagha: Balla a’ Chanongate, le clachan eadar-dhealaichte à gach àird na h-Alba, agus, gràbhailte san chlach, 24 earrannan sgrìobhte sa Bheurla, san Scots agus sa Ghàidhlig, bhon Bhìoball gu Burns agus Hugh MacDiarmid. Ach am measg nan 24 seo chan eil ach dà seannfhacal agus aon loidhne bàrdachd Gàidhlig ann continue reading…

Dwelly air loidhne!

O chionn ghoirid nochd làrach-lìn ùr air an robh iomadh Gàidheal agus neach-ionnsachaidh a’ feitheamh – am faclair Dwelly air loidhne. A bheil cuimhne agaibh air Dwelly, leabhar tiugh ud, nas coltaiche ri encyclopedia na ri faclair sìmplidh, a b’ àbhaist a bhith ann an dachaighean air feadh na Gàidhealtachd?

Uill, tha a h-uile eòlas sin ri fhaighinn a-nis air an eadar-lìon, aig http://www.dwelly.info/
‘S urrainn dhut faclan lorg air dòighean eadar-dhealichte , mar eisimpleir Gàidhlig gu Beurla (mar an leabhar fhèin), Beurla gu Gàidhlig, ‘san fhaclair air fad’, ‘pàirt de dh’fhacal’, ‘coltach ri…’, etc. Tha an stòras mòr a bha cho fada falaichte mu dheireadh fosgailte a-nis, tron ghoireas-lorg mhìorbhaileach seo.  Agus abair stòras!

continue reading…

Given the long tradition of Gaelic language and culture on the Seaboard, Gaelic being the main language only a couple of generations ago, it seemed a pity not to include it in our magazine from time to time. There are certainly Gaelic speakers, whether fluent or learners, in the community or with an interest in it, and it would be great to have contributions here from anyone who can manage a few sentences – or even more! Children, adults, anyone!
We could make it an occasional column, longer or shorter depending on what people put in. Anything welcome – reminiscences, jokes, ‘what I did on my holidays’, favourite websites, books, TV programmes, opinions….whatever you feel like telling us about.
The only requirement – you have to give a brief summary in English too, so all our readers can enjoy it. (And so they know that we’re not talking about them…. 😉 )

Start here….