seaboardgàidhlig

bilingual blog dà-chànanach

Browsing Posts in Seaboard News Gaelic archive

Eaglais Chille Mhìcheil fo Chruth-Atharrachadh Cha mhòr còig bliadhna air ais, sa Ghiblean 2012, sgrìobh mi pìos an seo mu Eaglais Chille Mhìcheil san Eilean Dubh, an t-seann eaglais ud le cladh ri taobh Bàgh Uadal. Leis nach deach càil a dhèanamh rithe thar nam bliadhnaichean,  bha i ann am fìor dhroch stàit.  Ann an […]

Gràdh geal mo Chrìdh‘, the Eriskay Love Lilt, agus am Mòd Tha mi a’ sgrìobhadh seo aig àm a’ Mhòid Nàiseanta, a tha ann an Steòrnabhagh an turas seo, tachartas mòr na bliadhna Gàidhlig. ‘S e gràinne-mullaich na bliadhna dha na ceudan a bhios a’ gabhail pàirt sna farpaisean aon-neach no còisire, agus dha na […]

Cèic Fhlùr Coirce Milis Siotrais Mòran taing do mo charaidean Gàidhlig aig a’ Chomunn Ghàidhealach Ameireaganach, agus do Kerrie Cheanadach, airson an reasabaidh seo, a nochd ann an iris an t-Sultain 2016 na Naidheachd Againne, ràitheachan a’ Chomuinn. Tha a’ chèic ceart cho blasda ma bhios sibh nur luchd-vegan no nach bi. Mhol mo charaid […]

Blas Festival 2016, An t-Sultain 2 – 10 September Air feadh na Gàidhealtachd – Highland-wide Nuair a thig an t-Sultain dhan Gàidhealtachd, thig còmhla rithe aon de na fèisean Albannach as fheàrr– Blas.  Sgrìobh mi roimhe mu Fhèisean nan Gàidheal agus mun obair luachmhor a bhios iad a’ dèanamh airson ceòl agus cultar na Gàidhealtachd, gu […]

Seirbheis san t-Seann Eaglais gus 25 bliadhna an Urrais a chomharrachadh. “Nigg Old Trust was formed on the 22nd February 1991 to preserve the church building and the Nigg Pictish Monument. On Sunday 3rd July at 6.30pm a special evening service conducted by parish minister Rev Robert Pickles will be held to celebrate the work […]

Am Brusach 700 Anns an Ògmhios gach bliadhna thèid Blàr Allt a’ Bhonnaich a chomharrachadh, blàr le buil na bu bhuannachdaile do dh’Alba na Blàr Chùl Lodair a thachair 450 bliadhna as a dhèidh. Tha a‘ bhliadhna 1314 loisgte san DNA gach Albannaich, mar shamhla de shaorsa as dèidh nam bliadhnaichean fada de dh’ainneart fo […]

Brot is Sailead an Earraich  / Spring Soup and Salad Tha am biadh seo gu sònraichte math mar lòn no suipear air aon de na làithean earraich ud a tha  grianach ach fionnar, leis a’ bhrot bhlàth bharragach, agus an sailead fuar cruasbach. Tha an dà chuid am brot agus an sailead furasda rin ullachadh, […]

2016 An Giblean: a’ Chàisg / April: Easter Aig an àm seo den bhliadhna bidh sinn a’ cumail Fèill na Càisge. ‘S e fèill Chrìosdail a th‘ innte, a  tha a’ còmharrachadh aiseirigh Chrìosda, ach tha iomadh nì is cleachdadh na Càisge ann air nach eil coltas Crìosdail idir – peantadh no roiligeadh uighean, ithe […]

Runrig: The Story Ged a thoisich Runrig barrachd is 40 bliadhna air ais, agus iad a’ cluiche ann an tallaichean clìuteach mar na Barrowlands agus aig fèisean-ciùil mòra ann an Alba, ann an Sasainn agus thall thairis, air beulaibh nam mìltean de luchd-èisteachd, air dòigh air choireigin cha deach aca riamh a bhith fasanta. Cha […]

Ri fhaicinn air an duilleag Facebook aig FilmG Alba – taing airson seo!  Naidheachd fìor bhrosnachail! 12-17 RIOCHDACHADH AS FHEÀRR | BEST PRODUCTION Nach seall sibh air Sgioba Acadamaidh Rìoghail Baile Dhubhthaich – rinn iad seo oidhirp mhòr a thaobh props agus a bhith clàradh air feadh na sgoile agus anns a’ bhaile fhèin, agus […]