seaboardgàidhlig

bilingual blog dà-chànanach

Browsing Posts in Seaboard News Gaelic archive

Na Cruithnich Tha ùidh shònraichte aig muinntir Machair Rois anns na Cruithnich, is an sluagh àrsail seo na phàirt den dualchas againn. Tha sinn mòiteil – mar a thuigear – às na sàr-eisimpleirean de leacan snaighte Cruithneach a tha againn ann am Baile a’ Chnuic, Seannduig agus Neig, agus ‘s ann am Port mo Cholmaig […]

Sgairbh Ach a-mhàin an fhaoileag uile-làthaireach, ‘s e an sgarbh – còmhla ris a’ cho-ogha aige, an sgarbh-an-sgùmain – an t-eun as ceangailte ri Machair Rois nam inntinnse. Fiù ‘s nuair a bha mi glè òg, bha e na treat a dhol cuirt a-nall gu Skaravak. Bu sin crìoch den t-saoghal a b’ urrainn dhomh […]

Rionnagan na Nollaig – Christmas Stars  Seo reasabaidh airson bhriosgaidean-Nollaig tradiseanta Gearmailteach: ‘Zimtsterne’ – rionnagan caneil. Guten Appetit! Here’s a recipe for traditional German Christmas biscuits: ‘Zimtsterne’ – cinnamon stars.  Rionnagan Caneil 4 gealagain-uighe beagan sùgh-liomaid 300 gr. siùcair mhìn ‘icing’ (+ beagan airson a’ chlàir) 2 spàin-tì caneil 350 gr. chnòthan-almoin agus/no chnòthan-calltainn air […]

A’ Mhaighdeann-Mhara / the Mermaid Seo òran tradiseanta gu math freagarrach do Mhachair Rois agus dhan t-sìde stoirmeil a bhios againn cho tric aig an àm seo den bhliadhna.   Òran na Maighdinn-Mhara A-mach air bhàrr nan stuadh ri gaillinn Fuachd is feannadh fad’ o thìr Bha mo ghaol dhut daonnan fallain Ged is maighdeann-mhara […]

Obair-ghrèis Mhòr na h-Alba (2) – eachraidh nan Albannach Am mìos sa chaidh chuir sinn sùil air cuid de na pannalan a tha ceangailte ri taobh an ear na h-Alba: an turas seo bidh sinn a sealltainn air taghadh ìomhaighean à eachdraidh na h-Alba san fharsaingeachd. An rud a tha cho tarraingeach san obair-ghrèis, ‘s […]

Meal do naidheachd, Cameron! Taing dhan Ross-Shire Journal airson na naidheachd maithe seo! Artaigil: http://www.ross-shirejournal.co.uk/News/Easter-Ross-piper-bags-prestigious-prize-10092014.htm  

Obair-ghrèis Mhòr na h-Alba (1) – Taobh an Ear-Thuath Nuair a bha mi a’ tadhal air mo cho-ogha ann an Dùn Èideann seachdain no dhà air ais, chaidh sinn a dh’fhaicinn Obair-ghrèis Mhòr na h-Alba, a tha air ais ann an togalach Pàrlamaid na h-Alba, a’ comharrachadh 15 bliadhna den Phàrlamaid. Abair euchd! Tha i […]

A’ Ghàidhlig ann an Eachdraidh Machair Rois Pàirt 4: An Darna Cogadh gu ruige seo: Ginealaich na Beurla Aig àm an Dàrna Cogaidh thàinig Feachdan na Dùthcha dhan sgìre, gu h-àraidh leis na raointean-adhair a chaidh a thogail anns a’ Mhanachainn agus Tairbeart (‘the dromes’). Cuide riutha thàinig mòran bhall-seirbheise agus luchd-obrach à pàirtean eile […]

A’ Ghàidhlig ann an Eachdraidh Machair Rois Pàirt 3: 1850 – 1950 : “English for business, Gaelic for God” Bha an Eaglais Phròstanach an-còmhnaidh cudromach agus làidir ann an Ros an Ear, agus na daoine air an ainmeachadh “pious” anns na cunntasan uile  – aig amannan ro chràbhach (a rèir Ian Mowat ); chì sinn […]

Pàirt 2: 1750 – 1850: linn leasachadh àiteachais agus sgaoileadh na Beurla  Chunnaic sinn mìos sa chaidh gum b’ i a’ Ghàidhlig an cànan a bu làidire ann am Machair Rois fad linntean, bho na Meadhan Aoisean tràth a-mach, ach gun do mheudaich cleachdadh na Beurla beag air bheag ann an suidheachaidhean formeil, gu h-àraidh […]