Òran traidiseanta bòidheach agus beagan dìomhair, freagarrach do àm na bliadhna – mu chaileag nach do gabh a’ chomhairle aice fhèin, a rèir coltais! Mar chuimhneachan air Iseabail Nic Asgaill, a chaochail gun dùil ris o chionn ghoirid, a sheinneadh an t-òran seo cho àlainn ri smeòrach i-fhèin.
Thig an smeòrach as t-Earrach
Thig a’ chuthag ’s a’ Chèitein
‘S bidh gach eun anns an doire
Cumail coinneamh ri chèile
Seinn ciùil air bhàrr chrannaibh
‘S air bharraibh nan geugan
Agus mise ‘s mo leannan
Dol nas fhaide bho chèile
Tha mo chìnn air an fhleasgach
Dhonn leadannach bhòidheach
Dhan a chinneadh nach strìochdadh
‘S e de iarfhuil Chlann Dòmhnaill
‘S mòr gum b’fhearr dhomh bhi agad
Le beagan de stòras
Na le buaile chrodh ballach agus
Balach nach b’eòlach
Comhairle bheirinns’ air caileig
Gun bhith amaideach gòrach
Gun i thoirt a gaol falaich
Do bhalach nach b’eòlach
Bidh e briathrach ri tighinn
‘S bidh a chridhe na ròitean
‘S bidh a shùil a’s a dhèidh
Ach cò an roghainn as bòidhche